Gabhail a' chothruim
- Air fhoillseachadh
Am faodadh cùisean a bhith càil na miosa do na Lib Deamaich ann an Alba?
Chan eil mi ri magadh idir, is e ceist dhà-rìribh a tha innte.
Ma bheir thu sùil air a' mhapa air thoiseach air an taghadh anns a' Chèitean, tha e doirbh fhaicinn ciamar a b' urrainn don phàrtaidh tuiteam fo na sia suidheachain a tha aca aig Holyrood an-dràsta.
Fiù 's nan cailleadh iad Sealtainn no Àrcaibh - agus tha cùis Alasdair MhicIlleMhìcheil a' togail na ceist sin - tha an siostam-bhòtaidh a' fàgail gum biodh dùil ri suidheachan air liosta na Gàidhealtachd nan àite.
Go follaiseach, b'fheàrr leotha nach bitheadh iad air cha mhòr gach ball Albannach a chall aig Westminster an-uiridh agus gach ball sgìreil air tìr-mòr ann an 2011.
Ach a bheil sin a' toirt cothrom dhaibh ann an 2016?
Smachd
Is coltach gur e sin beachd Willie Rennie.
Aig a' cho-labhairt aca ann an Dùn Èideann air an deireadh sheachdainn, chaidh Mgr Rennie na b' fhaide na ceannard sam bith eile thuige seo air mìneachadh polasaidh cìse airson na pàrlamaid romhainn.
Thuige seo, cha do bhruidhinn iad ach air na dhèanadh iad leis na cumhachdan nas caoile a mhaireas bliadhna a-mhàin bhon Ghiblean.
Ach dhearbh Mgr Rennie gu bheil am pàrtaidh a' dol a-steach don taghadh a' moladh àrdachadh cìse, chan ann airson aon bhliadhna ach airson na pàrlamaid air fad.
Mar sin, bhòtaidh buill Lib Deamach anns a' Phàrlamaid ùir sgillin a chur air a' chìs chosnaidh aig gach ìre nuair a gheibh Holyrood làn smachd oirre bhon ath-bhliadhna.
Am faigh iad taic, saoil, airson sin?
Gearraidhean
Na òraid ron cho-labhairt, thuirt Mgr Rennie gum bu chòir cumhachdan ùra na Pàrlamaid Albannaich a chleachdadh airson gearraidhean a sheachnadh.
Tha am pàrtaidh ag ràdh gun deigheadh £475m a thogail gach bliadhna, a chleachdadh iadsan gus taic a thoirt do chloinn-sgoile à teaghlaichean a tha nas miosa dheth, gearraidhean do sgoiltean a sheachnadh agus gus a dhol air ais air gearraidhean do cholaisdean.
Ach nuair a gheibh Holyrood an cumhachd bannan na cìse atharrachadh ann ann 2017, carson nach cuir iad a' chìs suas aig an àrd-ìre a-mhàin?
Chuirinn geal gun cluinneamaid barrachd air a' cheist sin - bho gach pàrtaidh - tro iomairt an taghaidh.
Ach is e mo thuigse gu bheil iad dhen bheachd nach deigheadh tòrr airgid a thogail gun bhun-ìre na cìse àrdachadh cuideachd.
Mar sin, ged nach còrd i ris a h-uile duine, is e sin a' pholasaidh a bhios aca.
Gearan
Aig a'cho-labhairt, bhruidhinn mi ri fear a tha air a bhith a' dol do na co-labhairtean seo fad bhliadhnaichean.
Bha e fhathast a' gearan co-dhunadh Nick Clegg am pàrtaidh a thoirt a-steach don cho-bhanntachd leis na Tòraidhean mu dheas.
Ach a dh'aindeoin sin, bha e fhathast ann.
Tha Willie Rennie cuideachd a' creidsinn gu bheil cothrom aig a' phàrtaidh - gu bheil dleastanas orra - aig an taghadh seo.
Mura h-urrainn do chùisean fàs nas miosa, is dòcha gu bheil sin a' toirt na saorsa dhaibh bruidhinn, gu soilleir agus gu h-onarach ris an luchd-bhòtaidh mu na beachdan ach agus mu na dh'fheumas a dhèanamh airson stait na dùthcha a chur am feabhas.
Canaidh an luchd-bhòtaidh gur e sin a chòrdadh riutha - chì sinn dè cho tha onarach is a tha iadsan anns a' Chèitean.