Dragh mu Loch Baghasdail - Malaig

Aiseag
Image caption Tha leudachadh san amharc air cuid de shlighean bho 2016.

Thog comhairliche ann an Uibhist dragh nach obraich an t-seirbheis ùr samhraidh eadar Loch Baghasdail agus Malaig leis cho tric sa tha seòlaidhean gan cur dheth.

Bha Raghnall MacFhionghuin am measg na bha dùil seòladh air an aiseig Dimàirt.

Cha do sheòl am bata ri linn na sìde, co-dhùnadh ris nach do dh'aontaich Mgr MacFhionghuin idir.

"Chunnaic mise mar a bha an t-sìde ann am Malaig, chunnaic mi le mo dhà shùil fhèin, is gu dearbh cha robh sian ceàrr air an t-sìde", thuirt e.

Bha còir aig 122 seòladh a bhith eadar Loch Baghasdail is Malaig eadar meadhan na Samhna agus toiseach a' Mhàirt am-bliadhna.

Chaidh 78 dhuibh sin a chur dheth ri linn na sìde, is 16 air adhbharan teicnigeach.

Iomagain

Tha iomagain air Mgr MacFhionghuin a-niste mun t-seirbheis ùr samhraidh a tha gus tòiseachadh aig deireadh na mìos.

"Tha uallach mòr orm.

"Tha an t-eagal orm nach eil e a' dol a dh'obrachadh. Tha mise a' smaointinn gu bheil iad a' feuchainn ris an rud a ruith sìos 'son is nach tachair e.

"Cha robh leisgeul sam bith aca Dimàirt nach do dh'fhalbh am bàta a bha siud", thuirt e.

Thuirt Cal Mac gu bheil iad misneachail nach bi uiread de bhuaidh air seirbhisean an t-samhraidh.

Tha iad ag ràdh gum bi iad a' cleachdadh còig diofar aithrisean aimsire gus co-dhùnaidhean a dhèanamh mu sheòlaidhean.

Thuirt iad nach robh an aimsir Dimàirt cho dona sa bha dùil.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile