Buidheann-gnìomha an Dùn Èideann

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Faochadh do sgoilearan Dhùn Èideann

Tha Comhairle Dhùn Èideann a' dol a choimhead ri fuasgladh maireanneach fhaighinn a thaobh foghlam àrd-sgoil Gàidhlig sa bhaile.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle nuair a nochd moladh ann an aithisg comhairle gus cuid de sgoilearan à Bun-sgoil Taobh na Pàirce a chur gu Àrd-sgoil Tynecastle.

Thuirt an aithisg gun robh cus ag iarraidh dha Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig, is gur iad an fheadhainn as fhaide air falbh, cuid de sgoilearan na Gàidhlig, nach fhaigheadh àite.

'S ann dha Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig a bhiodh sgoilearan na Gàidhlig a' dol bho thùs, is clasaichean dha luchd-ionnsachaidh a-mhàin aig Tynecastle.

Às dèidh dha pàrantan a dhol air an casan, dh'innis Comhairle Dhùn Èideann Dimàirt gum faigheadh na sgoilearan air fad àite aig Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbaig 'son 2016/17.

Maireanneach

Cuiridh iad a-nise buidheann-gnìomha air chois feuch fuasgladh maireanneach a lorg.

Bidh riochdairean bho Chomann nam Pàrant sa bhaile is Bòrd na Gàidhlig air a' bhuidhinn.

Thèid molaidhean bhon bhuidhinn a-mach gu co-chomhairle ron bhliadhna-sgoile 2017/18.

Tha Iain MacLeòid, a tha na cheann-suidhe air a' Chomann Ghàidhealach, air a bhith ag iomairt às leth na Gàidhlig ann an Dùn Èideann fad bhliadhnaichean.

Thuirt e nach bu chòir dhan cheist seo a bhith air èirigh sa chiad dol a-mach.

"Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air a bhith a' dol ann an Dùn Èideann airson 28 bliadhna", thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha e dìreach do-chreidsinneach gu bheil sinn fhathast ann an suidheachadh far a bheil mì-thuigse is mì-chinnt mu dheidhinn na seirbheis a tha pàrantan an dùil fhaighinn", thuirt e.

A rèir Mhgr MhicLeòid, tha e a-nise riatanach gun tèid plana 'son foghlam àrd-sgoile a stèidheachadh.

"Cothroman mòra"

"Tha cothroman mòra an cois na tha air a bhith a' tachairt an seo, leasanan ri ionnsachadh.

"Tha sinn a' faicinn na h-àireamhan de sgoilearan ag èirigh aig ìre ro-sgoile, aig ìre bun-sgoile.

"S e dh'fheumas sinn beachdachadh air a-nise, ciamar a thèid dèiligeadh ri sin aig ìre àrd-sgoile.

"S e naidheachd fìor mhath a th' ann agus bu chòir dhuinn a bhith a' smaoineachadh air mar sin, agus a' coimhead air adhart agus a' dealbhachadh siostaman iomchaidh, leantainneach, airson gum bi cinnt aig pàrantan nuair a chuireas iad an clann a-steach dhan t-siostam, cho trath sa ghabhas, gum bi foghlam Gàidhlig leantainneach, cinnteach fan comhair.

"Sin a tha sinn a' miannachadh agus 's e sin an seòrsa siostam a bu chòir dhuinn a bhith a' dealbhachadh", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh