Còmhdach meatailt do Thaigh-tasgaidh Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Ghabh coimhairlichean Gàidhealach ri plana gus piseach a thoirt air ìomhaigh thogallaich ann an Inbhir Nis le bhith ga chòmhdachadh le meatailt.
Cosgaidh an obair air Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis £500,000 a thig a-mach à maoin de £3m a fhuaireas bho Riaghaltas Westminster.
Thèid aghaidh agus cliadhaich an togalaich a chòmhdachadh le aluminium.
Nochdaidh mapa dhen bhaile air an aluminium a bhios buidhe ann an dath.
Tha an taigh-tasgaidh, a th' air a ruith leis a' bhuidhinn High Life Highland, ann am meadhan a' bhaile ri taobh Chaisteal Inbhir Nis agus Taigh Baile Inbhir Nis.
Dh' ainmich Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, maoineachadh de £3m do bhaile Inbhir Nis aig coinneamh le Comhairle na Gàidhealtachd an-uiridh.
Tha an t-ùghdarras ionadail am beachd an còrr dhen airgead a chosg air a bhith a' leasachadh ghàraidhean Caisteal Inbhir Nis agus air sgeama wi-fi poblach saor dhan bhaile.