Cidhe Àird Mhèanais gu bhith deiseil

Cidhe Àird Mhèanais

Bu chòir do chidhe ùr Àird Mhèanais ann am Barraigh a bhith deiseil ro dheireadh a' Mhàirt.

Bha muinntir an àite a' strì fad bhliadhnaichean gus am faigheadh iad cidhe ùr.

Thòisich obair san Damhair 2013 ach chaidh dàil an uairsin air an leasachadh.

Fhuair a' chompanaidh MacInnes Brothers cùmhnant luach £1.6m agus bhathas an dòchas gum biodh an obair deiseil san Lùnasdal 2014.

Dh'fhàg trioblaid ris nach robh dùil air grunnd na mara, ge-tà, gum b'fheudar an luchd-obrach a thoirt far na làraich, is pìos den chidhe a dhealbhachadh às ùr.

Fàgaidh sin uile gu leìr gum bi a' chosgais nas àirde air a' cheann thall.

Fasgadh

Thathas an dùil, ge-tà gun dèan an cidhe feum mòr dha iasgairean an eilein is fasgadh a thoirt dha na bàtaichean aca.

"An cunnart as motha, 's e an t-eathar a chumail sàbhailte ann an droch shìde agus far am bi i ann sa mhadainn nuair a thig thu a-mach thuice", thuirt an comhairliche Bharrach, Dòmhnall Manford.

"Ma tha sinne airson iasgach a bhrosnachadh dha na teaghlaichean a th' againn air an eilean, feumaidh sinn na goireasan a bhith ann.

"Am faochadh a nì seo, bheir e misneachd mhòr, mhòr do thòrr de theaghlaichean air an eilean", thuirt e.

Tha deich trabhlairean ann am Barraigh is a rèir nam figearan às ùire, chaidh luach cha mhòr £1.9m de mhaorach a-mhàin a chur air tìr ann an 2014.