Ruairidh Dòmhnallach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

An Dòmhnallach ag amas air na duaisean

2 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòisichidh Caol Bhòid seusan ùr na h-iomain le geama an aghaidh a' Ghearasdain Disathairne.

'S e theab is nach do theab a bh' ann dha sgioba Thaigh na Bruaich an-uiridh.

Chaill iad 2-1 ri Lòbhat ann an cuairt deireannach Chupa na Camanachd, is chrìochhnaich iad san 2mh àite sa Phrìomh Lìog.

B' e a Cupa Ceilteach an aona chupa a thog iad, a' soirbheachadh 4-2 an aghaidh Camanachd an Òbain.

'S e sgioba an Òbain an aona sgioba eile à deas sa Phrìomh Lìog a-niste is Inbhir Aora, a-nise fo stiùir Ruairidh Ghreumaich, air a dhol sìos.

Bidh siubhail gu leòr aig Caol Bhòid is Ruairidh Dòmhnallach ann an 2016, ach tha sùil aca a-rithist air na duaisean mòra.