Sgioba iomain a' lorg cluicheadairean ùra.

  • Air fhoillseachadh
Iomain

Tha sgioba iomain nam feachdan airm a' lorg cluicheadairean ùra.

Bidh SCOTS Camanachd a' cluich ann an Cupa Mhic an t-Sutharlanaich agus Cupa Bhulloch ann an 2016.

Chaill iad sa chiad chuairt do Chupa Mhic an t-Sutharlanaich an-uiridh, ach ràinig iad an dàra cuairt do Chupa Bhulloch.

Chaidh iad air turas gu California o chionn ghoirid far an do chluich iad agus gun do bhuannaich iad geamaichean cuideachd.

Tha feum aca air cluicheadairean ùra ron an t-seusan ùr, is tha plana ann campa trèanaidh a chumail ma thig gu leòr a dhaoine air adhart.

Bidh a' chiad gheam aca am-bliadhna an aghaidh na dàra sgioba aig Cabar Fèidh air 9mh la den Ghiblein ann an Cupa Mhic an t-Suthlaranaich.

Ann an Cupa Bhulloch thèid iad an aghaidh sgioba Ghlaschu mìos às dèidh sin, an 14mh la den Chèitean.