Feum air smachd a bharrachd air cìsean

Aonghas Caimbeul

Dh'iarr Ceannard Comhairle nan Eilean Siar gum biodh barrachd smachd aig ùghdarrasan ionadail air cìsean ionadail.

Dh'innis Priomh Mhinistear na h-Alba Diciadain gun cuireadh riaghaltas ùr SNP na ceithir bannan as àirde de chìs na comhairle suas, ma ghlèidheas iad an taghadh.

Chosgadh taighean a th' anns na bannain sin eadar £2 is £10 a bharrachd san t-seachdain.

Thuirt Nicola Sturgeon gun toireadh sin a-steach £100m sa bhliadhna, a rachadh a chosg air foghlam.

Bhiodh cead aig comhairlean cuideachd a' chìs-chomhairle a chur suas 3%.

Barrachd

Thuirt ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gum biodh fàilte air airgead a bharrachd, ach nach eil na planaichean seo a' dol fada gu leòr.

A rèir Mhghr Chaimbeul, bu chòir barrachd roghainn thoirt dha comhairlean air mar a thèid an t-airgead a chosg.

"Tha e cudromach gun do dh'èisd an Riaghaltas ri daoine a thuirt gum biodh iad deònach beagan a bharrachd a phàigheadh airson seirbheisean, ged nach biodh e comasach a' chìs a chur suas ach 3%, ach tha mi a' cur fàilte air seo.

"Chan eil mi cho cinnteach mun phlana an t-airgead a bharrachd a chur gu roinn shònraichte.

"A thaobh dheamocracsaidh ionadaill is co-dhùnaidhean aig ìre ionadail, tha mi den bheachd gum bu chòir cumhachd a bhith aig ùghdarrasan co-dhùnadh iad fhèin - às dèidh co-chomhairle - càite am bu chòir an t-airgead seo a chosg", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile