Geamair a bha a dhìth air a lorg

Càrn an Fhidhleir Image copyright Chris Eilbeck / Geograph

Chaidh cobhair a dhèanamh air geamair a chaidh a dhìth ann an ceàrn iomallach de Phàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Thathas a' tuigsinn gun deach an duine air chall ann an droch shìde is e a-mach air carbad 4x4 ann an Oighreachd Ghàdhaig.

Thòisich iomairt teasairginn le Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh, an RAF, luchd-obrach oighreachd is heileacoptair nam maor-cladaich.

Thuirt iad gun robh aca ri sgìre fharsaing dha-rìribh a sgrùdadh.

Lorg

Stad an iomairt 'son treis ann an uairean beaga na maidne ach chaidh an duine a lorg goirid às dèidh dhan luchd-teasairginn a dhol a-mach a-rithist aig 6.00m.

Fhuaireadh an duine slàn sàbhailte faisg air Càrn an Fhidhleir.

Thuirt Ceannard Sgioba Teasairginn a' Mhonaidh Ruaidh , Willie MacAnndrais, gur e suidheachadh air leth doirbh a bha seo ann am fìor dhroch shìde.

Rinn e moladh air a h-uile duine a bha an lùib na h-iomairt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile