An t-Arm anns na h-Eileanan

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

An t-arm ann an Leòdhas

Tha an t-Arm air a bhith anns na h-Eileanan an Iar an t-seachdain seo ann an oidhirp daoine a bhrosnachadh airson a bhith nan saighdearan pàirt-ùine.

Bha àrd oifigearan bhon t-Seachdamh Batàlian de Rèiseamaid na h-Alba ann an Leòdhas airson innse mu na cothroman-obrach a th' ann.

Thuirt iad gu bheil mu 20 obair rim faighinn ann an Steòrnabhagh agus cothrom cosnaidh 's treànaidh do mu dheichnear ann am Beinn nam Fadhla.

Thadhail na h-oifigearan cuideachd air taisbeanadh sònraichte ann am Baile Ailein a tha a' comharrachadh obair an t-saighdeir thar nam bliadhnaichean.

Taisbeanadh

Tha culaidhean agus diofar sheòrsa uidheamachd mar phàirt dhen chruinneachadh a chuir Comann Eachdraidh Cheann an Loch air dòigh.

Thuirt Cathraiche a' Chomainn, Coinneach Ruairidh MacAoidh, nach eil iad mar phàirt dhen obair fasdaidh ach gu bheil iad a' stiùireadh dhaoine gu ionad nan saighdearan pàirt-ùine ann an Steòrnabhagh.

Bhruidhinn Mghr MacAoidh cuideachd mun taic a fhuair iad bhon Airm airson an taisbeanadh aca a chruthachadh.

"Thòisich seo nuair a bha sinne a' cuimhneachadh air na daoine a dh' fhalbh à seo agus an fheadhainn nach do thill.

"A-mach às a sin fhuair sinn fiosrachadh gun robh cruinneachadh de chulaidhean anns an sgìre agus tro thìde fhuair sinn airgead airson an ceannach le cuideachadh bhon Airm.

"Bha iad seo an-diugh airson faicinn na rinn sinn leis an airgead agus coimhead air na tha sinn air a chruinneachadh", thuirt e.

Iolaire

Chaidh bruidhinn cuideachd air na planaichean a tha san amharc airson uamhas na h-Iolaire a chuimhneachadh.

Chaidh an soitheach fodha faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 205 a bha air bòrd am beatha.

"Bho thàinig ceud bliadhna de chuimhneachadh air a' chogadh tha taisbeanadh anns gach sgìre.

"Gu nàiseanta, an taisbeanadh mòr airson a h-uile càil a tha seo a thoirt gu crìoch, 's ann a' cuimhneachadh air na thachair Là na Bliadhna Ùire 1919 a bhios ann.

"Chaill daoine a bha air tighinn tron chogadh, 's a bha ann am fianais an taighean, chaill iad am beatha.

"Bha e cho duilich.

"'S e sin an taisbeanadh mu dheireadh a bhios ann 's tha iad a' cruinneachadh airson urram ceart a thoirt dhan sin," thuirt Mgr MacAoidh.