Atharrachadh gus tighinn air lìog Uibhist is Bharraigh

Bhuannaich Barraigh an lìog an-uiridh
Image caption Bhuannaich Barraigh an lìog an-uiridh

Chaidh aontachadh ann am prionnsabal an àireamh gheamaichean ann an lìog Uibhist agus Bharraigh a ghearradh bho 20 gu 10.

Bha cuid dhen na sgiobaidhean mì-thoilichte le na bh'ann de gheamaichean meadhan na seachdainn an-uiridh agus tha ceist ann cuideachd mu ghainnead rèitearan.

Chaidh am moladh a chuir air beulaibh choinneamh bhliadhnail Chomann Ball-coise Uibhist is Bharraigh nas tràithe air an t-seachdainn ach cha deach bhòtadh air leis nach robh a h-uile sgioba an làthair.

Chan eil Barraigh toilichte le na planaichean, ach tha na còig sgiobaidhean eile.

A' bruidhinn ris a' BhBC thuirt fear-naidheachd a' bhuill-coise, Ailig O' Henley,

"Tha ceistean aig Barraigh tha mi smaoineachadh mun a seo fhathast, chan eil fhiosam am bi e gu mòran diofar.

"Tha na còig sgiobaidhean eile air a shon, mar sin feumaidh iad dìreach gabhail leis."

Theid coinneamh eigeannach a chumail nas fhaide air a' mhìos gus am moladh a dheasbad.

'S e am plana a th'ann aig an ìre-sa Cupa Lìge a' chuir air bhog gus a' bheàrn a lìonadh is cuideachd thathar air geama thaghte a chuir air dòigh le sgioba Arcaibh.

Thig barrachd fios mu na planaichean ro dheireadh na mìos.