Gealltanas mu subsadaidh LFASS

  • Air fhoillseachadh

Gheall Rùnaire nan Gnothaichean Dùthchail gun dèan an riaghaltas cabhag le bhith a' pàigheadh airgead subsadaidh LFASS dha tuathanaich agus croitearan.

Thuirt Ridseard Lochhead gum biodh an t-airgead air a phàigheadh ro dheireadh a' Mhàirt, stèidhichte air na fhuair daoine airson 2014.

Leigidh sin leotha an siostam IT ùr a th' air dàil adhbhrachadh san airgead subsadaidh bunaiteach a sheachnadh.

Thuirt Aonadh nan Tuathanach gun robh còir an aon rud tachairt leis an airgead bhunaiteach sin cuideachd.