Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar ga fosgladh gu h-oifigeil

Thèid Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar fhosgladh gu h-oifigeil Dihaoine, le Ministear an Fhoghlaim, Alasdair Allan.

Tha clann air a bhith a' frithealadh na sgoile, ann an Caol a' Ghearasdain, bhon uiridh.

Bidh cèilidh ann gus am fosgladh oifigeil a chomharrrachadh eadar 1300 agus 1500.

Tha cuideachd cèilidh gu bhith ann air an oidhche eadar 1930 agus 2230 le ceol bho Chòmhlan Ceilidh Ghleann Fhionghain, Seumas Greumach, agus seinneadairean ionadail eile.