Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aillse

Tha luchd-saidheans ann am Breatainn ag ràdh gun d' fhuair iad dòigh air siostam dìon na bodhaige fhèin a stiùireadh gus cur as do cheallan aillse. Anns an iris Saidheans, tha an sgioba bho Cholaiste Oilthigh Lunnainn ag ràdh gum faodadh an dòigh obrach a chleachdadh gus comharran sònraichte a lorg ann an cnapan aillse, a chuidicheadh siostam dìon na bodhaige fhein, ionnsaigh a thoirt air na ceallan a tha eadar-dhealaichte.

Facebook

Tha a' chompanaidh Facebook a' dol a phàigheadh na milleanan nòtaichean a bharrachd ann an cìsean am Breatainn, a-rèir fiosrachaidh a fhuair am BBC. Chaidh a' chompanaidh a chàineadh gu mòr le beachd gun robh iad a' seachnadh chìsean. Tha iad a-nis a' dol a sguir a chur airgead bho na companaidhean as motha a tha a' sanasachd air an làraich, tro Èirinn. Theid a' chiad chunntas cìse nas àirde a phàigheadh leotha an ath-bhliadhna.

Port-adhair Inbhir Nis

Tha plana luach naoi ceud mìle not ann gus leudachadh a thoirt air Port-adhair Inbhir Nis. Fo na molaidhean aig companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, dheigheadh an seòmar airson luchd-siubhail a tha a' feitheamh seirbheis cha mhòr a dhùblachadh. Thèid talla ùr a chruthachadh cuideachd do dhaoine a tha a' tighinn far sheirbhisean eadar-nàiseanta. Tha an àireamh dhiubh sin air a bhith ag èirigh bho chionn beagan bhliadhnaichean - gu h-àraid gu bailtean eile san Roinn Eòrpa.

Beul Feairt

Chaidh oifigear prìosan a dhroch leòn às dèidh do bhoma spreadhadh fo bhan ann am Beul Feairt. Tha dùil gu robh an duine aig cuibhle a' charbaid nuair a thachair an spreadhadh sa mhadainn.

Tòraidhean

Tha co-labhairt earraich nan Tòraidhean an Alba a' dol ann an Dùn Èideann. Tha an ceannard an Alba, Rùt Davidson, a' moladh barantas ionmhais ùr dhan NHS an Alba. Na h-òraid an-diugh fhathast, tha duil gun cur i ìmpidh air an SNP an aon àrdachadh, neo barrachd, a thoirt air ionmhas an NHS 's a th' ann an Sasainn.

CalMac

Dh'èirich an àireamh de chàraichean a chaidh air aiseagan ChalMac 6.9% a-rèir àireamhan ùra. Chaidh 1.1 millean turas càr a chlàradh air feadh lìonra na companaidh an-uiridh, a-rèir na buidhne Discover Ferries, a tha a' riochdachadh a' ghnìomhachais am Breatainn. Tha beachd ann gur dòcha gur e leudachadh sna seirbhisean air a bheil faraidhean RET as coireach ris an àrdachadh.

Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar

Thèid Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar fhosgladh gu h-oifigeil aig cuirm feasgar. 'S e Ministear an Fhoghlaim 's nan Cànain, an Dtr Alasdair Allan a dh'fhosglas an sgoil. Tha còig bun-sgoiltean Gàidhlig a-nis an Alba. Tha na h-uidhear a' dol ann airson an latha a chomharrachadh, a' crìochnachadh le cèilidh ann a-nochd fhathast.