Ionad Ceartais ùr airson Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Google
Tha moladh ann gus ionad ceartais ùr a thogail air talamh ri taobh stèisean nam poileas air Rathad Bhurnett.
Chaidh moladh gum bu chòir ionad ceartais ùr, aig an deigheadh cùirtean lagha agus èisteachdan eile a chumail, a thogail air Rathad Bhrurnett ann an Inbhir Nis.
Tha Seirbheis Chùirtean agus Thribiunalan na h-Alba an dòchas gluasad a-mach à Caisteal Inbhir Nis agus a dhol dhan togalach ùr ron t-samhradh 2018.
Dh'fhaodadh obair air an làraich, a tha ri taobh stèisean nam poileas air Rathad Bhurnett, tòiseachadh am bliadhna.
Thèid an caisteal a leasachadh airson luchd-turais agus dh'fhaodadh taigh-tasgaidh is gailearaidh ealain a dhol ann.