Strath Chura a' tarraing a-mach

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Strachur

Dh' innis sgioba iomain Shrath Chura gu bheil iad a' tarraing a-mach às a h-uile farpais am bliadhna.

Thainig an naidheachd beagan uairean a thìde ro thoiseach an t-seusain Disathairne.

Thuirt labhraiche bhon sgioba nach eil cluicheadairean gu leòr aca, ged a bhios an sgioba òg a' leantainn.

Bidh buaidh a-nis air na sgiobaidhean eile anns a' Chiad Roinn a Deas, 's gun ach ochd sgiobaidhean sa Lìog a-nis.

Tha eachdraidh a' cluba a' dol air ais gu 1879, agus fhuair iad gu cuairt-dheireannach Chupa na Camanachd ann an 1983.

Thuirt Comann na Camanachd gu bheil iad duilich mun naidheachd, agus gun iarradh iad coinneamh a chumail leis a' chluba san aithghearrachd mu na tha an dàn dhaibh.

Thàinig dearbhadh bhon Chomann cuideachd nach tèid clàr nan geamanan atharrachadh sa Lìog, agus gum faigh Eilean Bhòid troimhe dhan ath-chuairt de Chupa a' Chomainn Cheiltich.