Taigh-cùirte Inbhir Nis
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taigh-cùirte Inbhir Nis a' gluasad

4 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Às dèidh cha mhòr mìle bliadhna, thèid an taigh-cùirte ann an Inbhir Nis a ghluasad bho làrach a' chaisteil os cionn a' bhaile gu ionad ùr a thèid a thogail air Rathad Bhurnett.

Chaidh planaichean fhoillseachadh aig a' chùirt an-diugh mu na bhios an luib an ionaid-ceartais ùir.

Tha duil gun tòisich an obair-togail air an ionad ùr ro dheireadh na bliadhna.