ICT fhathast sa chupa

Caley Thistle aig Easter Road Image copyright SNS

Chum Caley Thistle grèim air Cupa na h-Alba - air èiginn - is iad a' crìochnachadh 1-1 an aghaidh Hibs aig Easter Road.

Chuir an taghadh an uairsin a sgioba a bhuannaicheas air a' cheann thall an aghaidh Dundee United san iar chuairt dheireannaich.

Sa gheama eile, bidh Celtic an aghaidh Rangers.

Chaidh Hibs air thoiseach aig Easter Road le tadhal bho James Keatings tràth san dàrna leth.

Chuir Iain Hughes Andrea Mbuyi-Mutombo air ann an oidhirp an geama a shàbhaladh.

Tadhal

'S e a rinn an cluicheadair às a' Chongo le tadhal tri 13 mionaidean air fhàgail.

Cluichidh na sgiobaidhean a-rithist ann an Inbhir Nis Diciadain an 16mh den mhìos.

Bha bristeadh-dùil ann dha Ross County Disathairne.

Ged a bha Dundee United sìos gu deichnear ann an Inbhir Pheofharain, rinn an sgioba à Tannadice an gnothach 3-2.

Feumaidh County a-nise a' bhuille sin a chur air an cùlaibh is cuairt deireannach Chupa na Lìge aca an aghaidh Hibs Didòmhnaich seo tighinn.