Ceann-là airson cùmhnant nan aiseagan

Ionad-aiseig Ratharsaigh
Image caption Tòisichidh cùmhnant ùr nan aiseagan san Dàmhair

Feumaidh tairgsean airson aiseagan Chluaidh agus Innse Gall a ruith, a bhith a-staigh Diluain.

'S ann aig Cal Mac a tha an cùmhnant an-dràsta, ach tha Serco Caledonian a' farpais nan aghaidh airson an ath-chùmhnant a bhios a' ruith suas ri ochd bliadhna.

Thuirt Àrd-oifigear Chal Mac, Màrtainn Dorchester, gu robh e "misneachail" gun soirbhicheachadh leotha.

'S e Serco a tha a' ruith sheirbheisean aiseig Arcaibh agus Shealtainn fo bhratach Northlink Ferries.

Thuirt an Comhairliche Arcach Seumas Stockan gu robh cùisean air a dhol gu math leotha bho ghabh iad thairis na seirbheisean sin ann an 2012.

"Sgrùdadh"

Nì panal neo-eisimeileach sgrùdadh air na tairgsean, ach 's ann aig Riaghaltas na h-Alba a bhios am facal mu dheireadh.

Thuirt an Riaghaltas nach robh roghainn aca, fo riaghailtean Eòrpach, ach an cùmhnant a chuir a-mach gu tairgse.

Tha dùil ri fios cò fhuair an cùmhnant às dèidh an taghaidh Albannaich sa Chèitean.

Bidh an cùmhnant ùr, anns a bheil luach £1bn, a' tòiseachadh san Dàmhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile