Ceist mu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail
- Air fhoillseachadh

Tha fear de Chomhairlichean nan Eilean Siar ag ràdh gum bu chòir do Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Ruiseart Lochhead, beachdachadh air a dhreuchd san Riaghaltas.
Thug an Comhairliche Dòmhnall Crichton am beachd am bàrr ri lìnn dàil air airgead subsadaidh do chroitearan agus tuathanaich.
Tha Mghr Crichton ag ràdh gur e freagairt mhì-mhisneachail a thàinig bhon an Riaghaltas 's gum faodadh daoine a bhith mìosan fhathast a' feitheamh air an airgead.
Thuirt e gu bheil litir bho Mhghr Lochhead a' cur coire airson an dàil air an Aonadh Eòrpach, ach tha e ag ràdh gu bheil e follaiseach gur e siostam compiùtaireachd an Riaghaltais fhèin as coireach.
Thuirt e gum bu chòir sgeama iasaid airson daoine a chuideachadh a bhith air atharrachadh airson airgead dìolaidh a phàigheadh do thuathanaich 's croitearan.
"Bu chòir Mghr Lochhead a bhith a' meòrachadh air an t-suidheachadh a th'aige, agus feumaidh e uallach a ghabhail airson an dol-a-mach a tha seo", thuirt an Comh. Crichton.
£20m
Ann am brath sgrìobhte a fhreagairt na puingean a thog an Comh. Crichton, tha labhraiche bho Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil làn fhios aca mu fheumalachdan nan croitearan ri linn na droch shìde agus margaidhean doirbh.
Thuirt iad nach eil beachdan mar seo bhon t-seann tagraiche Làbarach, Dòmhnall Crichton, a' dèanamh feum sam bith.
Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a' dèanamh nas urrainn dhaibh airgead fhaighinn gu croitearan agus gu bheil iad air £20m ainmeachadh airson an cuideachadh gus an tig subsadaidhean troimhe.