Fear-coiseachd a dhìth sa Mhonadh Ruadh

Jim Robasdan Image copyright Fiosrachadh polas
Image caption Dh'fhàg Jim Robasdan a thaigh ann an Glaschu an t-seachdainn-sa chaidh

Tha nighean fear-coiseachd a th'air a bhith a dhìth fad seachdainn anns a' Mhonadh Ruadh, air taic luchd-coiseachd eile iarraidh, feuch a h-athair a lorg.

Chan eil an teaghlach aig Jim Robasdan, 61, air fhaicinn bhon an latha mu dheireadh dhen Ghearran.

Thuirt Lynn Strachan gu robh a h-athair air a dhol gu bothan Bob Scott air Oighreachd Loidse Mhàr.

Bha Mghr Robastan, a tha eòlach sna beanntan, 's a th'air a h-uile beinn Rothach a dhìreadh, am beachd a dhol a choiseachd anns a' Mhonadh Ruadh.

Tha mu 85 ball de sgiobaidhean teasairginn beinne air a bhith a' sgrùdadh na sgìre, còmhla ri coin teasairginn agus heilicoptear nam maor-cladaich.

Fhuair polais cuid dhen an stuth aige anns a' bhothan.

A' feitheamh fios

Thuirt Lynn Strachan ris a' BhBC gu bheil an teaghlach air a bhith gu math troimhe chèile a' feitheamh air fiosrachadh mu a h-athair.

Tha i ag ràdh gu do dh'fhàg e Glaschu air an latha mu dheireadh dhen Ghearran air bus bho Shràid Bhochanan.

Thuirt i: "Tha feagal oirnn, 's tha e nas miosa leis nach eil càil as urrainn dhuinn a dhèanamh - chan eil ann ach feitheamh dhuinne. Tha sinn an eisimeal nan eòlaichean anns an sgìre.

"Tha sinn air leth taingeal airson na rinn iad chun a seo, 's na thathas fhathast a' dèanamh."

Tha i airson 's gun cuireadh duine sam bith aig am faodadh fios a bhith mu a h-athair, brath chun nam poilis.

"Ma tha duine sam bith air a bhith sna beanntan, 's ma chunnaic iad cuideigin a' coiseachd nan ònrachd ann an sgìre sam bith, bu mhath leinn gun cuireadh iad fios air na polais anns a' bhad gus an urra dhaibh an sgìre sgrùdaidh a chuingealachadh, 's tòiseachadh ga shireadh san àite cheart."

Tha Mghr Robasdan còig troighean 's deich òirlich a dh'àirde le falt goirid glas agus speuclairean. Dh'fhaodadh gu robh màileid mhòr aige air a dhruim.

Thuirt labhraiche bho sgioba teasairginn beinne Bhràigh Mhàr gu bheil iomart leantainneach ann airson fear-coiseachd a tha 61 bliadhna a dh'aois, Jim Robasdan, a bha a' fuireach ann am bothan Bob Scott tron t-seachdainn.