Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Imrichean

Tha dùil ri teachdaireachd bhon an Aonadh Eòrpach an-diugh gu bheil slighe na h-inimreachd as an Tuirc tron a' Ghrèig agus na sgirean Balcanach gu meadhan agus ceann a' tuath na h-Eòrpa dùinte. Tha ceannardan an EU a' coinneachadh anns a' Bhruiseal a dheasbad ciamar a chuireas iad stad air na gràisgean a tha ri cùiltearachd luchd imrich as an Tuirc dha na h-Eileanan Grèigeach. Agus tha Breatainn a' cur bàta le heileacoptar orra dhan a Mhuir Aegean mar phairt den iomairt anns a bheil NATO an-sàs airson stad a chur air in-imreachd mì-laghail.

Aiseagan

Se an-diugh an latha mu dheireadh airson tairgse a dhèanamh airson cumhnant sheirbhisean aiseig a chost an iar. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn, a bhoineas dhan an stàit agus aig a bheil a chùmhnant an-dràsta, a' farpais ris a bhuidhean phriobhaideach, Serco Caledonian, a tha a' ruith na seirbhis aiseig gu Arcaibh agus Sealtainn. Tha a' chùmhnant ùr a mhaireas ochd bliadhna, agus 's luach billean not, a' tòiseachadh san t-Sultainn am bliadhna.

Cò-Chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean

Tha riochdairean comhairle, buidhnean leasachaidh agus ministearan riaghaltais ann an Steòrnabhagh an-diugh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha seirbhisean conaltraidh a' bhann-leathainn agus fònaichean-làimhe aig mullach a' chlàr-gnothaich aca. Bidh iad a' bruidhinn cuideachd air bochdainn connaidh agus air leasachadh air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Bailey Gwynne

Tha na h-òraidean mu dheireadh a' dol air adhart aig cùis-lagh an deugaire a tha fo chasaid mu mhurt a' bhalaich sgoile às Obair Dheathainn, Bailey Gwynne, a bha sia bliadhna deug a dh'aois, aig Acadamaidh na Cùilt sa bhaile anns an Damhair an uiridh. Tha an gille a tha fo chasaid, a tha sia bliadhna deug, a' dol às àicheadh gun do rinn e murt. Àn dèidh òraidean gach taobh bheir am britheamh comhairle air an diùraidh mas tèid iad a-mach a thoirt binn air a chùis.

Seòmraichean Malairt Bhreatainn

Thuirt ceannard UKIP, Nigel Farage, gur e cùis uamhais a th'anns an dòigh san deach deiligeadh ri John Longworth, a bha na àrd-stiùiriche air Seòmraichean Malairt Bhreatainn. Leig Mgr Longworth dheth a dhreuchd an-dè, àn dèidh a chasg rè-ùine bho chuid obrach, airson taic a chur ris an iomairt airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eorpach. Thuirt Seòmraichean Malairt Bhreatainn nach deach cuideam poilitigeach sam bith a chur orra, sin a dhèanamh.

Iomart Teasargainn

Tha sgiobanan teasargainn anns a' Mhonadh Ruadh a' coimhead an-diugh a-rithist airson Seumas Robasdan à Glaschu, air nach eil sgeul bho chionn seachdainn. Thuirt polais gun deach stuth a bhoinneas do Mhghr Robastan, a tha trì fichead agus a h-aon , fhàgail ann am bothan faisg air Loidse Oighreachd Mhàrr.