Ionad frithealaidh Comhairle a' gluasad

Suaicheantas Chomhairle na Gàidhealtachd
Image caption Dùnaidh ionad-frithealaidh Sràid na h-Eaglais an Inbhir Nis

Tha ionad frithealaidh Chomhairle na Gàidhealtachd ann am meadhan Inbhir Nis, a' gluasad gu Talla a' Bhaile.

Gluaisidh e bhon togalach sa bheil e an-dràsta air Sràid na h-Eaglaise.

Dùnaidh an oifis an sin aig 12:00f, Dihaoine-sa tighinn - an 11mh dhen mhios.

Bidh corra latha ann ge ta, mus fhosgail e às ùr ann an Talla a' Bhaile

Bidh sin air a' 15mh aig 9:00m.

Gheibhear a-steach ann tro dhoras air Sraid a' Chaisteil, a bhios fa leth bho dhoras fàilteachaidh Talla a' Bhaile fhèin.

Tha sin uile a' ciallachadh nach bidh an t-seirbhis ri fhaotainn Diluain-sa tighinn, an 14mh, 's thathas a' comhairleachadh do dhaoine a dhol air làrach lìnn na Comhairle - highland.gov.uk/online neo fòn a chur chun na seirbhis an Inbhir Pheotharain - 01349 886 606.

Thuirt a' Chomhairle gu robh iad a' gluasad 's an t-aonta airson an togalach air Sraid na h-Eaglaise a' tighinn gu ceann.

Thug seo cothrom dhaibh, tha iad ag ràdh, seirbhis nas èifeachdaiche a thoirt seachad ann an Talla a' Bhaile.

Am-measg eile, thathas ag ràdh gum bi seirbhis nas fheàrr ann do dhaoine - le ionadan fèin-frithealaidh agus piseach air an t-siostam feithimh.