Cò-chruinneachadh ann an Steòrnabhagh
- Published
Chuala coinneamh ann an Steòrnabhagh gum faodadh eileanan na h-Alba buannachd, luach suas ri £725m, fhaighinn bho phròiseactan cumhachd ath-nuadhachail.
Chaidh an aithisg, a dh'ullaichear do Riaghaltas na h-Alba, fhoillseachadh aig Cò-chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.
Dh'fhaodadh, tha i ag ràdh, suas ri 2000 cosnadh a bhith air a chruthachadh nuair a tha an obair aig àirde.
Conaltradh
Thèid bruidhinn cuideachd air siognal fònaichean-làimhe agus mar a ghabhadh piseach a thoirt air astar a' bhainn-leathainn.
Cluinnidh an cò-chruinneachadh nach eil ach 61% de dhachannan air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan a gheibh siognal bho na ceithir phrìomh chompanaidhean fòn-làimhe.
Thuirt fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil iad airson 's gum bi am bann-leathann ri fhaighinn air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus gum faigh daoine air a chleachdadh an dà chuid airson gnìomhachas agus airson cuir-seachadan.
Tha dùil gun tèid bruidhinn cuideachd air càbal dealain nan Eilean Siar agus na ghabhas dèanamh airson ìrean de bhochdainn-connaidh anns an sgìre a lùghdachadh.