Iomagain ann am Muile mu charbad-eiridinn an eilein

ambulance Image copyright Scottish Ambulance Service
Image caption Chan eil ach aon charbad-eiridinn air Muile air an ìre 'sa.

Coinnichidh ceannardan coimhearsnachd Mhuile ri riochdairean bho Sheirbheis Eiridinn na h-Alba Diluain airson bruidhinn air ìre na seirbheis air an eilean.

Ged nach eil ach mu 2,600 neach a' fuireach ann am Muile, bidh còrr air 250,000 luchd-turais a' tadhal air an eilean gach bliadhna 's tha cuid draghail nach eil aca ach aon charbad-eiridinn airson an àireamh seo de dhaoine.

Tha uallach orra cuideachd nach eil ann ach aon charbad-eiridinn airson eilean le còrr is dà cheud mìle de rathad singilte.

Seirbheis 999

Às dèidh co-chomhairleachadh a chaidh a dhèanamh le Seirbheis Eiridinn na h-Alba, mhol a' choimhearsnachd gum bu chòir càr eile a bhith stèidhichte air an eilean le paramedic na chois.

Ach tha Seribheis Eiridinn na h-Alba den bheachd nach eil feum air a leithid - tha iad am beachd dotair teaghalach a tha a' fuireach ann an Creag an Iubhair a chleachdadh 'son seirbheis 999, nuair a tha an carbad-eiridinn aig suidheachadh eiginn eile.

A rèir Comhairliche Coimhearsnachd Mhuile, Fiona NicIlleDhuinn, tha beatha dhaoine ann an cunnart mar a tha cùisean an-dràsta.

"Ciamar, is urrainn dhan dotair ann an Creag an Iubhair a dhol a-mach air gairm eiginn, ma tha an carbad-eiridinn a' tighinn thuigesan le cuideigin eile a tha tinn?"

Thuirt Seirbheis Eiridinn na h-Alba gu bheil iad air buidhnean 'First Responder' a chur air bhonn air an eilean, agus tha dà àite laighe ann am Muile airson helicopters eiridinn a thighinn a-steach 'son cuideachadh a thoirt dhan luchd eiridinn ionadal.