Coinneamh mu thaic àiteachais

Croit

Coinnichidh Aonadh nan Tuathanach (NFU) ris a' Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon oidhche Mhàirt air thoiseach air railidh a tha gu bhith aig tuathanaich agus croitearan aig Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin.

Tha iomagain mhòr air an NFU mun staing le taic-airgid àiteachais is tòrr mòr fhathast a' feitheamh air na subsadaidhean aca.

Chan eil Iar-Chathraiche NFU na Gàidhealtachd, Raibeart Dòmhnallach, a' gabhail ris na tha an Riaghaltas ag ràdh, gu bheil an siostam a tha an cois nan subsadaidhean ùra "Pàigheadh Bunaiteach" a thàinig a-steach fo ath-leasachadh an CAP ro thoinnte, 's gur e sin as coireach ris a' mhaill.

"Dè tha cho doirbh mu dheidhinn?" thuirt e.

"Tha fhios aca air an àireamh talmhainn a th' aig a h-uile duine.

"Tha an talamh uile air a chur a-steach anns na h-ìrean 1,2 is 3. Chan eil aca ach an ìre agus meud na talmhainn a chur air a' mhap, agus tha fhios aca dè tha a' dol a-mach air gach acaire.

"Tha iad ga dhèanamh doirbh dhaibh fhèin - tha e cho sìmplidh 's a ghabhas.

"An-dràsta tha mu £300m ri phàigheadh a-mach fhathast den Phàigheadh Bhunaiteach, agus tha sinn ag iarraidh orra caran nas lugha de dh'eagal a bhith orra ro bhith a' dèanamh mhearachdan.

"Tha iad an-dràsta ag ràdh nach fhaod iad pàigheadh a-mach ma tha an coimpiutair a' sealltainn gin mhearachdan air an sgìona airson gach gnothachais.

"Tha feadhainn de na mearachdan a tha sin, 's e nonsense a th' annta, agus bu chòir gum faod an luchd-obrach a dhol a-steach agus a dhol os cionn nam mearachdan sin agus an t-airgead a phàigheadh a-mach," thuirt e.

Thuige seo chaidh mu £100m den £400m uile gu lèir a tha anns an stòras a phàigheadh a-mach.

Feumaidh an còrr den airgead a bhith air a phàigheadh ro dheireadh na h-Ògmhios, ach bha dùil aig tuathanaich is croitearan ris ro dheireadh na bliadhna an-uiridh.