Ceist mu shubsadaidh ath-nuadhachail
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar is na h-ùghdarrasan eileanach eile a' sireadh soilleireachaidh mu iarrtas airson subsadaidh sònraichte Eòrpach air cumhachd ath-nuadhachail.
Tha an taic ga meas fìor chudromach airson an gnìomhachas adhartachadh anns na h-Eileanan.
Chuala Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean bho Mhinistear Cumhachd na h-Alba, Fearghas Ewing, nach eil an Riaghaltas ann an Lunnainn air taic Choimisein na h-Eòrpa iarraidh fhathast.
"'S e sin an tuigse a fhuair sinne bho Mhgr Ewing an-diugh cuideachd, agus 's e sin an rud a bhios gach cuid sinne mar chomhairle, agus Riaghaltas na h-Alba a' togail leis an Riaghaltas ann an Lunnainn," thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.
"Ma 's e 's gur ann mar sin a tha cùisean, dè as coireach nuair a bhathas a' faighinn ghealltanasan bho chionn còrr is sia mìosan gun robh an t-iarrtas a bha seo air a dhol a-steach - dè as coireach nach deach sin a-steach?
"Agus tha cuideachd ceist ann mu dheidhinn an t-suim airgid a tha an Riaghaltas a' dol a chur airson nan companaidhean a tha a' coimhead ri leasachadh a thoirt air adhart anns na h-Eileanan, dè an suim airgid gu cunbhallach a tha gu bhith fosgailte dhaibh airson a chur a-steach air a shon?" thuirt e.
Thuirt Roinn Chumhachd Bhreatainn gun do chuir iadsan fios dhan Choimisean san Fhaoilleach an-uiridh gun robh iad am beachd an t-iarrtas a chur a-steach, ach gum biodh e mì-iomchaidh an còrr a ràdh mu iarrtas le fiosrachadh mionaideach agus mu cuin a chaidh sin a chur a-steach.