BBC Naidheachdan

Beàrn pàighidh aig UHI?

Published
image copyrightOther
image caption'S ann aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bha a' bheàrn pàighidh a bu mhotha, a rèir na h-aithisg.

Tha aithisg bho Aonadh nan Oilthighean agus nan Colaistean ag ràdh gu bheil òraidichean fireann ann an Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) a' cosnadh còrr air £18,000 a bharrachd sa bhliadhna na tha feadhainn bhoireann.

Chaidh an aithisg aca fhoillseachadh air Là Eadar-nàiseanta nam Ban.

Fhuair i gu bheil ceithir oilthighean ann an Alba anns a bheil fireannaich a' cosnadh barrachd na boireannach - oithighean Ghlaschu, Obar Dheathain, Chille Rìmhinn agus Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

'S ann aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bha a' bheàrn a bu mhotha ge-tà - £18,637 sa bhliadhna.

Chaidh fear-labhairt bhon oilthigh às àicheadh gu bheil a' bheàrn faisg cho mòr sin.

Thuirt na h-oilthighean eile gur e seann dàta a tha a' nochdadh anns an aithisg agus gu bheil co-ionnanachd pàighidh air tighinn air adhart bhon uair sin.