Rannsachadh subsadaidh ga iarraidh
- Air fhoillseachadh

Tha am Pàrtaidh Tòraidheach ann an Alba ag iarraidh rannsachaidh neo-eisimeilich air an dàil ann an subsadaidh do thuathanaich agus croitearan.
Togaidh iad a' chùis ann an deasbad ann an Holyrood dìreach là an dèidh do Riaghaltas na h-Alba plana fhoillseachadh 'son an t-airgead a thoirt do thuathanaich agus croitearan ro dheireadh a' Ghiblein.
Tha obair rianachd co-cheangailte ri subsadaidhean Eòrpach ga dèanamh le Riaghaltas na h-Alba.
Tha na siostaman air a bhith nas toinnte am-bliadhna ri linn teicneòlais choimpiutaireachd ùir a tha iad air a chur an sàs, agus tha sin air maill a chur air a' ghnothach.
Deireadh a' Ghiblein
Bu chòir gun robh tuathanaich agus croitearan air an taic-airgid "Pàigheadh Bunaiteach" fhaighinn deireadh na bliadhna an-uiridh.
Ach thuige seo, den £400m a tha san stòras, cha deach ach £100m a phàigheadh a-mach.
Tha tuathanaich agus croitearan air a bhith a' strì an cuid chunntasan a phàigheadh airson biadh a chumail ri an cuid stuic, am measg eile.
Tha mininstearan an Riaghaltais Albannaich ag ràdh gu bheil iad air na 's urrainn dhaibh a dhèanamh gus na trioblaidean a th' air a bhith ann a leasachadh, ach tha iad a-nis air co-dhùnadh barrachd a dhèanamh.
Gheibh croitearan agus tuathanaich a tha fhathast a' feitheamh air an cuid airgid aig deireadh na mìos seo a' mhòr-chuid den t-suim a tha a dhìth orra bho Riaghaltas na h-Alba.
An uair sin gheibh Riaghaltas na h-Alba an t-airgead air ais bhon Aonadh Eòrpach às dèidh dhaibh na h-iarrtasan airson taic subsadaidh a dhearbhadh.
Thuirt an Riaghaltas gum bu chòir don a h-uile croitear agus tuathanach an t-airgead aca fhaighinn ro dheireadh a' Ghiblein - mìos nas anmoiche na bha iad air a ghealltainn roimhe.
Chuir Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach fàilte air an naidheachd.
Ach tha am Pàrtaidh Tòraidheach ag ràdh gum feum rannsachadh neo-eisimeileach a bhith ann gus dearbhadh dè chaidh ceàrr, 's gu bheil an dàil air cron a dhèanamh air an eaconamaidh dhùthchail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 8 Am Màrt 2016