Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Eaconamaidh

Tha figearan ùra a' sealltainn droch bhuaidh a' chrìonaidh ann an gnìomhachas a' ghas agus ola air eaconamaidh na h-Alba. Bha toradh ola agus gas a' Chuain a Tuath sìos 55% an-uiridh seach air a' bhliadhna rona sin. Ach tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil bunaitean na h-eaconamaidh làidir, ged a bha easbhaidh na h-Alba an-uiridh aig £15bn.

Subsadaidh

Chuir Aonadh nan Tuathanach taic ri iarrtas Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba airson rannsachadh neo-eisimeileach air an dàil ann an subsadaidh do thuathanaich agus croitearan. Togaidh na Tòraidhean a' chùis ann an deasbad ann an Holyrood an-diugh dìreach là an dèidh do Riaghaltas na h-Alba plana fhoillseachadh airson earainn den airgead a thoirt do thuathanaich is croitearan ro dheireadh a' Ghiblein. Chuir Aonadh nan Tuathanach fàilte air sin, ach tha iad ag ràdh gum feum an rannsachadh a bhith ann air an dòigh anns an do dh'fhàilig an siostam coimpiutair ùr a tha a' roinn an airgid.

Uairean Malairt

Bidh an SNP a' bhòtadh còmhla ris na Làbaraich agus reubaltaich Tòraidheach ann an Westminster an aghaidh plana an Riaghaltais airson atharrachadh anns na h-uairean a bhios bùthainnean fosgailte air an t-Sàbaid ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh. Tha an SNP ag ràdh gum faodadh sin buaidh a thoirt air pàigheadh luch-obrach anns na bùthainnean ann an Alba. Ach tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil an SNP dà-aodannach.

A' Bhàn-Rìgh

Thuirt Lùchairt Bhuckingham nach eil a' Bhàn-Rìgh a' gabhail taobh seach taobh san deasbad mun referendum air ballrachd Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach, ged a tha am pàipear-naidheachd an Sun ag ràdh gu bheil i ag iarraidh Breatainn a thoirt a-mach às an AE. Tha an Sun a' cumail a-mach gun do bhruidhinn a' Bhàn-Rìgh an aghaidh an AE ann an còmhradh ri Nick Clegg bho chionn còig bliadhna nuair a bha esan na Leas-Phrìomhaire. Thuirt Mgr Clegg nach eil an sin ach amaideas.

Na Stàitean Aonaichte

Ghabh Dòmhnall Trump ceum eile mar phrìomh thagraiche nam Poblachdach airson dreuchd a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte. Bha Mgr Trump anns a' chiad àite sa bhòt ann am Michigan agus ann am Mississippi. Agus tha Hillary Clinton fhathast anns a' chiad àite aig na Deamocrataich, ged a rinn Bernie Sanders a' chùis oirre ann am Michigan.

Dreuchd Ùr

Tha Bòrd na Gàidhlig a' stèidheachadh dreuchd ùir air am bi an t-ainm Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig. Bidh dleastanas anns an dreuchd ùir airson poileasaidh foghlaim a' Bhùird, a bhith a' toirt comhairle air Riaghaltas na h-Alba air foghlam Gàidhlig, agus a bhith ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail airson poileasaidh a' Bùird a thoirt gu buil. Thèid sanasan a-mach airson na h-obrach air an ath-mhìos.