Dreuchd ùr aig BnaG

Bòrd na Gàidhlig
Image caption Thèid sanasan airson na dreuchd a sgaoileadh thairis air an ath-mhìos.

Stèidhichidh Bòrd na Gàidhlig dreuchd ùr air am bi Stiùiriche Foghlaim na Gàidhlig.

Bidh dleasatanas air an neach a thèid fhastadh airson poileasaidhean foghlaim a' Bhùird, a bhith a' toirt comhairle do Riaghaltas na h-Alba mu fhoghlam Gàidhlig, agus a bhith ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus poileasaidhean a' Bhùird a thoirt gu buil.

Thuirt Ceannard Eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Brus Robasdan, gum biodh an dreuchd seo fìor chudromach do dh'fhoghlam Gàidhlig aig ìre nàiseanta.

"Bidh an Stiùiriche ùr cuideachd a' togail cheanglaichean feumail is maireannach aig ìre ionadail agus nàiseanta leis gach iomadh buidheann a tha an sàs ann am foghlam na Gàidhlig agus gnothaichean Gàidhlig eile," thuirt e.

Thèid sanasan airson na h-obrach a sgaoileadh thairis air an ath-mhìos.

Nochd connspaid bho chionn beagan sheachdainnean 's dragh air pàrantan le clann ann am bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann nach fhaigheadh a' chlann aca àite anns an aon àrd-sgoil anns a' bhaile a tha a' tabhainn foghlam coileanta tro mheadhan na Gàidhlig.

Chuir Comhairle Baile Dhùn Èideann às dhan mholadh sin an t-seachdain a chaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile