Fianais shubsadaidh ga togail
- Air fhoillseachadh

Togaidh Aonadh nan Tuathanach fianais aig Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin agus iad ag ràdh gu bheil an gnìomhachas ann an èiginn eadar droch aimsir, droch phrìsean agus an dàil ann am pàigheadh subsadaidh.
Tha na mìltean de thuathanaich agus croitearan fhathast a' feitheamh ri subsadaidh Eòrpach "Pàigheadh Bunaiteach" (BPS), ris an robh dùil aca bho chionn trì no ceithir de mhìosan.
Agus ged a chuir Riaghaltas na h-Alba £200m air adhart gus an tig an subsadaidh, tha mòran anns a' ghnìomhachas gu math mì-thoilichte.
Gheall an Riaghaltas gum biodh a h-uile sgilinn den £400m uile gu lèir air a phàigheadh a-mach do thuathanaich agus croitearan ro dheireadh a' Ghiblein.
Thuige seo cha deach ach £100m dheth a phàigheadh a-mach.
Thathas a' coireachadh siostam coimpiutaireachd ùir a tha an cois a' Phàighidh Bhunaitich airson na maille.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 Am Màrt 2016