Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Mìnichidh am Prìomhaire na buanachdan a tha esan a' faicinn dhan Rìoghachd Aonaichte a' fuireach san AE, às dèidh beachd gu bheil cus aire air a bhith aige air a' chron a dhèanadh e a' bhuidheann fhàgail. Canaidh Dàibhidh Camshron gu bheil margaidhean taobh a-sgaigh an aonaidh a' lùghdachadh bhacaidhean malairt air companaidhean à Breatainn. Tha seo a' tighinn 's àrd-luchd-saidheans a' toirt rabhaidh gun dèanadh e cron mòr air saidheans ann am Breatainn an AE fhàgail. Ach tha Ceannard nan Cumantan, Chris Grayling, ag ràdh gun tèid uachdranas Bhreatainn a lùghdachadh le a bhith a' fuireach anns an AE.

Cunntasan Cumhachd

Dh'fhaodadh gun tèid na cunntasan cumhachd aig milleanan teaghlaichean a lùghdachadh às dèidh aithisg bho bhuidhinn-aire a' chumhachd mun ghnìomhachas ann am Breatainn. Tha Ùghdarras na Farparpais 's na Margaidh a' moladh àrd-ìre a chur air a' phrìs a tha daoine a' pàigheadh ma tha meatar pàighte aca. Tha iad cuideachd airson a dhèanamh nas fhasa do dhaoine gluasad eadar companaidhean.

Eaconamaidh na h-Alba

Tha tè de na prìomh chompanaidhean cunntais ag ràdh gu bheil eaconamaidh na h-Alba an impis a dhèanamh nas fheàrr na eaconamaidhean na Cuimrigh, Èireann a Tuath agus ear-thuath Shasainn. Tha an aithisg as ùire aca a' dèanamh dheth gum fàs GDP na h-Alba 1.8% am-bliadhna. San fharsainneachd air feadh na Rìoghachd Aonaichte tha iad a' tomhas fàs de 2.2%.

Aiseag Uibhist

Tha croitearan agus luchd-bathair an Uibhist air dragh a nochdadh mun bhuaidh a bheir e orra nuair a sguireas seirbheisean aiseig cunbhallach dhan Òban nas fhaide den mhìos. Tha dragh sònraichte ann mu ghluasad bheathaichean agus drochaidean ìosal air an rathad eadar Malaig 's an Gearasdan. Thuirt fear de chomharlichean na sgìre, Raghnall MacFhionnghain, gu bheil e dòchasach gun gabh fuasgladh fhaighinn le Cal Mac. Ach thuirt Dòmhnall Moireasdan bhon chompanaidh United Auctions anns an Òban, nach d' fhuair esan dearbhadh sam bith bhon chompanaidh aiseig air dè ghabhas a dhèanamh.

Atharrachadh na h-Aimsire

Tha Rùnaire Àtharrachadh Aimsire nan Dùthchannan Aonaichte air moladh a dhèanamh air an adhartas a tha Alba a' dèanamh air a' chùis. Chuir achd ann an 2009 amasan stèidhichte ron dùthaich. Thuirt Christiana Figueres gu bheil i toilichte le cho luath 's a tha cùisean ag atharrachadh a dh'aindeoin 's gu bheil Riaghaltas na h-Alba air amasan eadar-amail a chall. Thuirt i gu bheil gearradh de 38% ann an sgaoilidhean "gu math drùidhteach".

Còmhghall

Tha comhairliche ann an Dùn Omhain ag ràdh gu bheil e air fianais fhaicinn gu bheil companaidhean cùraim ag obair anns an sgìre nach eil a' pàigheadh bun-tuarastail. Ged a bhiodh iad a' pàigheadh còrr air £7 san uair tha cuid de luchd-obrach ag ràdh nach eil iad a' faighinn pàigheadh airson a bhith a' siubhal eadar taighean dhaoine, 's mar sin gun tuiteadh an tuarastal aca fo £6.50 ann an cuid de shuidheachaidhean.

Uachdarain Choimhearsnachd

Thig air oighreachdan ùra coimhearsnachd mìltean de notaichean a phàigheadh airson fiosrachadh a th' aig Clàraidhean Fearainn na h-Alba mu chroitean air an talamh aca atharrachadh. Ma tha fearann sam bith air a chlàradh mus do ghabh an t-uachdaran ùr sealbh air thathar ag iarraidh £90 airson ainm an uachdarain a chur air gach croit, agus 's e an t-uachdaran fhèin a dh'fheumas a dhèanamh.