Cosgais gun dùil air oighreachdan coimhearsnachd

Càrlabhagh Image copyright Allan Stewart/Geograph

Bidh aig oighreachdan coimhearsnachd ùra na mìltean notaichean a phàigheadh gus fiosrachadh atharrachadh mu chroitean a chaidh a chlàradh aig Clàraidhean Fearainn na h-Alba.

Ma tha fearann sam bith air a chlàradh mus do ghabh an t-uachdaran ùr sealbh air, thathas ag iarraidh £90 airson ainm an uachdarain a chur air gach croit - agus 's e an t-uachdaran fhèin a dh'fheumas a dhèanamh.

'S ann aig Urras Oighreachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a nochd an duilgheadas, ris nach robh dùil idir.

Le 17 croitean air an clàradh air an oighreachd, feumaidh an t-Urras suim còrr is £1,500 a phàigheadh.

Sgrìobh Cathraiche an Urrais, Coinneach MacIllInnein, litir ghearain fhoirmeil ag ràdh nach robh seo idir cothromach, leis nach eil annta ach buidheann ùr coimhearsnachd a tha a' faighinn taic bhon sporan phoblach.

Thuirt e, leis gun tàinig seo orra gu h-obann, chan eil buidseat aca air a shon.

Thuirt Clàraidhean Fearainn na h-Alba nach robh cumhachd acasan dad a dhèanamh mu dheidhinn, seach gun deach seo a chur sìos gu soilleir ann an Achd Ath-Leasachaidh na Croitearachd.

Tha Oighreachd Bharbhais, agus Oighreachd na Pàirce, cuideachd ann an Leòdhas, anns an dearbh shuidheachadh, leis gun deach na h-oighreachdan sin ann an làmhan na coimhearsnachd an dèidh don Achd a thighinn a-steach.

Chan eil e idir a' bualadh air na h-urrasan coimhearsnachd a cheannaich an cuid fearainn air thoiseach air sin ge-tà.

Tha Mgr MacIllInnein a' sgrìobhadh gu BP nan Eilean Siar, Aonghas MacNèill, agus BPA na sgìre, Alasdair Allan, a dh'iarraidh taic, 's e ag ràdh gum feumar dèiligeadh ris an duilgheadas aig an ìre as àirde.