Cal Mac airson fuasgladh fhaighinn

  • Air fhoillseachadh
Loch Baghasdail

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun obraich iad leis a' chompanaidh United Auctions feuch fuasgladh fhaighinn agus dragh orra mu sheirbheisean aiseig ann an Uibhist.

Tha iomagain air cuid de chroitearan is eile nach bi ceangal aig Loch Baghasdail ris an Òban, air sgàth na seirbheis ùire a Mhalaig.

Chaidh gàirdeachas a dhèanamh ann an Uibhist a Deas nuair a dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum biodh seirbheis aiseig gach là eadar Loch Baghasdail is Malaig bho dheireadh na mìos seo.

Bheir sin gu ceann strì fhada 'son na seirbheis.

Tha dragh air cuid de chroitearan agus daoine a tha a' giùlain bathair agus luchdan mòra ann an Uibhist ge-tà, gun caill iad an ceangal ris an Òban mar phàirt den chlàr-ama ùr.

Tha iad ag ràdh nach bi Malaig idir cho freagarrach dhaibh.

Thuirt Cal Mac gu bheil iad mothachail dhan t-suidheachadh, is gum feuch iad ri fuasgladh a lorg.