Cabadaich air Chluaidh

Tha cabadaich gu leòr air Chluaidh fhad 's a chruinneachas an SNP ann am Baile Mòr nan Gàidheal air thoiseach air a' cho-labhairt aca.

Tha a' chiad chuid dhith mu chìsean.

Thuige seo cha do dh'fhoillsich an SNP dè a dhèanadh iad leis na cumachdan ùra air cìsean a thig do Phàrlamaid na h-Alba bhon ath-bhliadhna.

Ann an 2017 gheibh Holyrood làn smachd air a' chìs chosnaidh.

Bha fios againn gu bheil na Làbaraich agus na Lib Deamaich a' moladh gun tèid sgillin a chur oirre gus gearraidhean a sheachnadh agus gu bheil na Tòraidhean airson a cumail far a bheil i.

Fhuair sinn deagh stiùireadh an-diugh bho Nicola Sturgeon air claonadh nam beachdan aicese.

Cron

Ann an agallamh air thoiseach air a' cho-labhairt le mo charaid Brian Taylor, dhearbh am prìomh mhinistear gum b' i a beachd nach bitheadh e cothromach bun-ìre na cìse a chur suas.

Ach chaidh i na b' fhaide na sin, ag ràdh gun robh dragh oirre gun dèanadh àrdachadh anns an àrd-ìre barrachd cron na feum.

Thuirt Ms Sturgeon nan cuireadh Riaghaltas na h-Alba àrd-ìre na cìse cosnaidh suas gun robh cunnart gun gluaiseadh daoine le teachd-a-steach na b' àirde an cuid airgid a-mach às an dùthaich.

Na beachd-se, dh'fhaodadh sin fàgail gum biodh Alba nas miosa seach nas fheàrr dheth.

Tha sùil Ms Sturgeon agus Mgr Swinney a-nis air a' bhuidseat a bheir George Osborne seachad an ath sheachdain.

Mas e 's gun cuir esan a' chrìoch aig am pàigh daoine a' chìs aig an àrd-ìre suas - na ghearradh cìse do dhaoine nas beartaiche - dh'fhaodadh Riaghaltas na h-Alba a dhol air ais air sin mu thuath nuair a gheibh Holyrood an cumhachd.

Aire

Gu poileataigeach, bheireadh sin cothrom don SNP a dhol a-steach don taghadh ag ràdh gun robh iad a' toirt Cothrom na Fèinne do dhaoine le teachd-a-steach na b' ìsle gun a' chìs cosnaidh chur suas bhon ìre aig a bheil i an-diugh.

Tha aire a' phàrtaidh air an taghadh sin agus tha deagh adhbharan aca a bhith dòchasach.

Bliadhna gu leth o chaill iad an reifreann air neo-eisimeileachd, tha na nàiseantaich fada air thoiseach air càch anns na cunntasan-bheachd.

Ach tha barrachd na seasamh a' phàrtaidh a-mhàin an crochadh air an toradh an taghaidh seo.

Is e amas pearsanta aig Nicola Sturgeon taic phearsanta fhaighinn bhon t-sluagh mar phrìomh mhinistear agus iarraidh i air a' phàrtaidh aice a cuideachadh le sin na h-òraid a-màireach.

Tha cuid, ge-tà, a' smaointinn mu na thachras às dèidh an taghaidh.

Eagal

Fhuair mi facal an-diugh le duine aig àrd-ìre ann an sgiopa a' phriomh mhinisteir mun reifreann Eòrpach.

Thuirt e gun robh rannsachadh an SNP a' sealtainn gun bhòtadh Alba gu làidir airson fuireach anns an Aonadh Èorpach.

Ach bha dragh air mun iomairt airson fuireach mu dheas.

Thuirt e nach robh iad ach a' feuchainn ris an t-eagal a chur air daoine, agus gun robh iad a' call bhòtaichean.

Thuirt mise gun do dh'obraich an cleas sin ann an 2014. Ach thuirt esan gun do chaill luchd an Aonaidh fichead puing anns an reifreann sin agus nach robh sin aca ri call an turas-sa.

Cabadaich gu leòr airson aon oidhche - is e ar bhòtaichean a chunntas.