Sgioba L&H sa chuairt dheireannaich
- Air fhoillseachadh

Sgioba Leòdhais is na Hearadh.
Chaidh sgioba ball-coise Leòdhais is na Hearadh air adhart dhan chuairt dheireannaich de Chupa Sheoc MhicAoidh.
Rinn iad an gnothach air Hacraig 3-1 ann an Inbhir Ghòrdain.
Bha là air leth aig Innes Iain Moireasdan.
'S e a chuir na tadhail air fad dha Leòdhas is na Hearadh.
Cluichidh iad Goillspidh a-nise sa chuairt dheireannnaich.
Bidh an geama sin ann an 26mh den mhìos ann an Inbhir Ghòrdain.
Tòisichidh an geama aig 1f is cluinnear beò e air BBC Radio nan Gàidheal.