Taic do dhìon ùr 'son eileanan

Leòdhas

Bu chòir sùil a thoirt air feumalachdan choimhearsnachdan eileanach ann an gach lagh a thèid air beulaibh Phàrlamaid na h-Alba, a rèir co-chomhairle air Bile nan Eilean.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba am bile san t-Sultain.

Thàinig cha-mhòr 200 freagairt dhan cho-chomharile le tòrr ag ràdh nach obraich aon phoileasaidh nàiseanta 'son a h-uile h-àite anns na h-eileanan.

Bha 91% den bheachd gum bu chòir coimhead ris a' bhuaidh aig gach lagh a thèid tron Phàrlamaid air coimhearsnachd eileanach.

Feart

Dh'iarr 98% gun toireadh buidhnean poblach feart air buaidh an cuid obrach fhèin air eileanan na dùtcha.

Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur e dearbhadh a tha seo air an taic a th' ann dhan iomairt 'Ar n-Eileanan ri Teachd'.

"Tha e gu math soillier dhuinn fhìn agus dhan Riaghaltas gu bheil daoine glè mhòr air cùl na h-iomairt a thòisich sinn fhìn agus Arcaibh is Sealtainn", thuirt Mgr Dòmhnallach.

Dh'iarr e gun gluais an Riaghaltas air adhart gu sgiobalta gus dìon dha na h-eileanan a chur san lagh.

Fa-near

"Feumaidh an Riaghaltas agus na buidhnean poblach aig ìre ro-innleachdach a bhith a' toirt fa-near air a' bhuaidh a tha aig na co-dhùnaidhean aca air suidheachaidhean eileanach.

"Tha sinn a' faicinn gur e rud a tha sin nach eil air a bhith againn gu ruige seo agus tha cùisean ann a tha air a bhith a' bualadh tòrr nas miosa.

"Chan eil mi idir ag ràdh gu bheil na Riaghaltasan air a bhith ag amas air sin, ach tha a' bhuaidh tòrr nas miosa ga faireachdainn ann an suidheachadh eileanach na tha e air Tìr-Mòr", thuirt e.

Thuirt Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, gum bi na beachdan a fhuair an Riaghaltas nan cuideachadh a thaobh Bile nan Eilean a dhealbh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile