Oileanaich Ghearmailteach sna Hearadh

Taobh Siar na Hearadh

Tha sgeama haidro ùr air taobh siar na Hearadh a' togail ùidh mhòir gu h-eadar-nàiseanta.

Tòisichidh an obair air an sgeama ann an Seileabost an ath-mhìos, 's bidh e deiseil anns an t-Sultain.

Tha oileanaich cumhachd ath-nuadhachail à oilthigh Flensburg anns a' Ghearmailt anns na Hearadh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn.

"Tha seann dam againn ann an seo a bh' aig Bòrd an Uisge," thuirt Ruaraidh MacIllinnein a th' air Bòrd-Stiùiridh Urras Taobh Siar na Hearadh.

Air feadh an t-saoghail

"Chaidh a chur ann tha mi a' creidsinn còrr air 50 bliadhna air ais.

"Seo far an robh an t-uisge airson taobh an iar na Hearadh a' tighinn.

"Tha e a-niste air a dhùnadh sìos, agus tha an t-uisge a' tighinn à Geocrab timcheall.

"Tha sinne air an dam seo a cheannach a-niste, agus tha sinn a' dol ga dhèanamh suas, ga fhosgladh air an taobh a tha seo, 's tha pìob air a bheil beul 16" a' dol às seo sìos chun an rathaid mhòir.

"Tha turbine gu bhith shìos ann an sin, 's tha sinn an dòchas gum faigh sinn 100kw às nuair a tha an t-uisge a' ruith mar a tha e an-diugh.

"Nuair a tha dìle bhàthte ann 's uisge mòr, tha an t-uisge sin 10" no troigh de dh'àirde os cionn mullach na dama a tha sin.

"Tha feadhainn de na sgeamaichean sna h-Eileanan aig 200kw. Ach 's e glè bheag dhiubh sna h-Eileanan a tha nas motha na sin, oir chan eil an t-uisge ann airson a dhèanamh.

"Ach tha e glè mhath aig 100. Ma chuireas tu ann tè aig 200 - agus bha sinn am beachd tè a chur ann an seo aig 200 - ach 's dòcha nach eil an t-uisge cho math as t-Samhradh no anns a' Gheamhradh nuair a tha reothadh ann.

"Rud eile a chaidh atharrachadh, 's e "feed-in tariff rate" - sin agad an rud far a bheil an Riaghaltas a' pàigheadh dhut airson an dealain a tha thu a' cruthachadh.

"Gheibh thu barrachd airson 100kw na gheibh thu nuair a dh'fhalbhas tu suas gu 200.

Rannsachadh

"Tha oileanaich ann an seo às a' Ghearmailt, à Oilthigh Flensburg, agus chan e Gearmailtich a th' annta, ach oileanaich bho air feadh an t-saoghail.

"Tha iad ann às an Èipheit, às Boilibhia, às Neapàl, às Afraga, às Afganastan, Ioran, St Lucia 's às gach àite.

"Tha iad fhèin a' studaigeadh cumhachd ath-nuadhachail, agus cumhachd uisege mar seo, haidro, agus iad a' feuchainn ri fhaighinn a-mach dè tha sinn a' dèanamh an seo.

"'S e seo pàirt den trèanadh aca. Tha 14 duine dhiubh ann agus dithis fhear-teagaisg còmhla riutha.

"Tha iad air a bhith ann an seo a-niste trì seachdainnean no an còrr, agus bidh iad ann deich là eile mus fhalbh iad.

"Tha iad air feadh nan taighean a' cur cheistean air daoine, dè seòrsa chumhachd a bh' aca, 's dè bha iad a' dèanamh, 's dè an obair a bh' aca, dè seòrsa taighe a bh' aca, dè meud a bh' anns an taigh, 's a h-uile càil dheth sin.

"Agus tha sin air a sgrìobhadh sìos, agus thèid iad dhachaigh an uair sin a dhèanamh sgrùdadh comais, dè ghabhas dèanamh an seo.

"Agus tha e feumail dhaibh fhèin. Tha gu leòr dhiubh sin às dùthchannan a tha gu math bochd, 's dùthchannan a tha a' feumachdainn leithid sgeamaichean haidro mar seo," thuirt e.