BBC Naidheachdan

Plana fòn-làimhe ga fhoillseachadh

Published

Dh' fhoillsich Riaghaltas na h-Alba sgeama pileat ùr airson seirbheis fòn-làimhe a thoirt do sgìrean nach eil ga faighinn an-dràsta.

Thèid faochadh chìsean a thabhainn air companaidhean airson seirbheis fòn-làimhe a stèidheachadh.

Tòisichidh am faochadh sin aig toiseach a' Ghiblein 2016 is mairidh e còig bliadhnaichean.

Bidh cuideachd riaghailtean-dealbhachaidh nas fhasa ann agus subsadaidh airson crainn a thogail.

Thèid an sgeama fheuchainn an toiseach timcheall air Gleann Lìobhait agus a' Chnocan Dubh anns a' Mhonadh Ruadh, agus ann an Eilean Arainn.

Tha na sgìrean sin as aonais seirbheis fòn-làimhe.

Chaidh am plana fhoillseachadh le Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, is e a' tadhal air Arainn Diluain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

  • Riaghaltas na h-Alba

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh