Fo-thaghadh àn Òbain
- Air fhoillseachadh

Bidh fo-thaghadh ann an Earra-Ghàidheal is fear de chomhairlichean an Òbain a' fàgail na comhairle.
Dh'innis an comhairliche Iain Aonghas Dòmhnallach gu bheil e a' leigeil dheth a dhreuchd.
'S e an treas comhairliche SNP ann an uard an Òbain a Tuath agus Latharna a tha air a' chomhairle fhàgail bho 2012.
Càineadh
Chaidh càineadh air Mgr Dòmhnallach bho chionn ghoirid leis nach robh e a' dol gu coinneamhan na comhairle coimhearsnachd ionadail.
Bha mì-thoileachas ann cuideachd nach do nochd e aig coinneamh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nuair a bha iad a' stèidheachadh am buidseit.
Chaidh Iain Aonghas Dòmhnallach a thaghadh an toiseach mar neo-eisimileach ann an 2012 mus deach e dhan SNP.
Dh'innis buidheann an SNP air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid nach robh dùil aca ris an naidheachd.
Doirbh
Thuirt ceannard na buidhne, Sandy Taylor, gun robh e doirbh dha Mgr Dòmhnallach obair chomhairliche a dhèanamh a bharrachd air an obair aige fhèin.
Thuirt e gur e call a th' ann dha buidheann an SNP.
Cha deach innse fhathast cuine bhios am fo-thaghadh ann.