Iain MacAmhlaigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iain MacAmhlaigh air a dhreuchd a leigeil dheth

14 Am Màrt 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha Stiùiriche na h-Obrach Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAmhlaigh, air a dhreuchd a leigeil dheth às dèidh còrr 's 30 bliadhna aig a' Chomhairle.

Thòisich e ag obair dhan Chomhairle ann am meadhan nan 1980'an ann an Uibhist.

Thuirt e gu bheil mòran air atharrachadh bhon uair sin, a' mhòr-chuid dheth gus cùisean a leasachadh.

Dh'innis e ge-tà, gu bheil suidheachadh ionmhais ùghdarrasan ionadail nas miosa an-diugh na chunnaic e fhèin a-riamh.

Bhruidhinn Aonghas Dòmhnallach ri Iain air an là obrach mu dheireadh aige.