Cupa gu bhith air a thaisbeanadh

Ross County Image copyright SNS

Dh'innis Ross County gun tèid Cupa na Lìge a thaisbeanadh air bus tro shràidean Inbhir Pheofharain Disathairne.

Rinn County eachdraidh nuair a rinn iad an gnothach 2-1 air Hibs sa chuairt dheireannaich Didòmhnaich.

'S e seo a' chiad duais mhòr nàiseanta a tha an cluba air buannachadh.

Chaidh County a stèidheachadh ann an 1929 is ghabh iad an ceum suas dha Lìog na h-Alba ann an 1994.

Ràinig iad a' Phrìomh Lìog ann an 2012 is 's e clach-mhìle ùr a th' ann dhaibh a-nise le Cupa na Lìge ann an Inbhir Pheofharain.

Feum

Thuirt cathraiche Ross County, Roy MacGriogair, gu bheil na tha Ross County - is Caley Thistle Inbhir Nis - air coileanadh air feum mòr a dhèanamh dhan Ghàidhealtachd.

Tòisichidh a' chaismeachd Disathairne aig 5:15f às dèidh an Dearbaidh Ghàidhealaich an aghaidh Chaley Thistle ann an Inbhir Pheofharain.

Thèid an cupa a thaisbeanadh an uairsin le na cluicheadairean air bus fosgailte tron bhaile.

Gabhaidh am bus slighe tro Rathad an Aiseig, Rathad an Stèisein, Sràid Greenhill agus tron Àrd-Shràid air ais gu Pàirc Bhictoria.

Dh'iarr County air an luchd-taic aca a tha a' dol dhan Dearbaidh an càraichean fhàgail air am pàrcadh gus am bi a' chaismeachd seachad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo