Aonta Baile do dh'Inbhir Nis?
- Air fhoillseachadh

Tha dòchas ann air a' Ghàidhealtachd gum foillsich an Seansailair aonta baile do dh'Inbhir Nis luach £300m Diciadain.
Ann an 2014 fhuair baile Ghlaschu aonta baile bho Riaghaltas Westminster - a' chiad bhaile an Alba a fhuair a leithid.
San Fhaoilleach, fhuair Obar Dheathain e.
Tha còmhraidhean air a bhith a' dol eadar Riaghaltas Westminster, Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd fad dà bhliadhna a-niste gus aonta baile fhaighinn do dh'Inbhir Nis.
Rachadh an t-suim airgid a dh'ionnsaigh phròiseactan turasachd, còmhdhail agus spòrs, am measg eile an Inbhir Nis.
Gus sin a thoirt gu buil, dh'fhaodadh gun tèid cìsean leithid cìs a' chonnaidh àrdachadh.
Tha Buill-Phàrlamaid Nàiseantach ag ràdh gun toireadh sin buaidh uabhasach air daoine ann an sgìrean iomallach far a bheil cruaidh-fheum air càraichean.