Comhairliche eile air an SNP fhàgail
- Air fhoillseachadh
Tha comhairliche SNP ann an Earra-Ghàidheal air am pàrtaidh fhàgail, dìreach beagan làithean às dèidh do chomhairliche Nàiseantach eile san aon uard ris a dhreuchd fhàgail.
Dhearbh Iain Stiùbhart MacIllEathain - a bha na Fhear-Gairm air Comann SNP na sgìre - gu bheil e air cùl a chur ri buidhinn a' phàrtaidh air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air sàilleamh "eadar-dhealachaidhean do-reiteachail".
Leanaidh Mgr MaclllEathain air a' riochdachadh an uard aige, taobh a Tuath an Òbain agus Latharna, mar chomhairliche neo-eisimeileach.