Aonta Baile dha Inbhir Nis "an ceartuair"
- Published
Thuirt Rùnaire na h-Alba gun tèid aonta baile dha Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd fhoillseachadh an ceartuair.
Bha dùil ri dearbhadh air an aonta ann am buidseat Shèorais Osborne Diciadain.
Ged a dh'fhoillsich an Seansalair cùmhnant dha Dùn Èideann is Ear-Dheas na h-Alba, cha robh guth aige air Inbhir Nis.
Thuirt Dàibhidh Mundell, ge-tà, nach fhada gus an tig naidheachd mu phrìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Fhuair Glaschu is Obar Dheathain aonta baile mar thà.
Bhiodh luach £300m ann an aonta baile dha Inbhir Nis.
Thigeadh airgead an dà chuid bho Westminster is Holyrood.