Caol Bhòid an aghaidh a' Bhaile Ùir

Anndra King is Evan Menzies. Image copyright Neil G Paterson
Image caption Anndra King is Evan Menzies. Am faigh sinn rèis eadar Caol Bhòid is Baile Ùr an t-Slèibh 'son tiotail 2016?

Coinnichidh na seann nàimhdean Caol Bhòid is Baile Ùr an t-Slèibh Disathairne ann an geama mòr an là sa Phrìomh Lìog.

Tha an dà sgioba air tòiseachadh gu làidir.

Cha do chluich am Baile Ùr air a' chiad là den t-seusan ùr ach cha robh iad ro mheirgeach Disathairne nuair a thàinig Gleann Urchadain dhan Eilean.

Chaidh 7 tadhail seachad air Stiùbhart Mac an Tòisich is muinntir a' Ghlinne gam pronnadh ann am Bàideanach.

B'e teachdaireachd a bha sin dha duine sam bith a bha den bheachd gun robh sgioba a' Bhaile Ùir a' fàs ro sheann.

Ginealach ùr

Gu h-inntinneach cuideachd, bha 3 tadhal aig Iain Robinson is fianais ann air ginealach tàlantach ùr a' briseadh a-steach dhan sgioba.

Ma tha sgioba ann a tha a' dol a chur stad idir air a' Bhaile Ùr, tha teansa gur e Caol Bhòid a bhios ann.

Bhuannaich iad an aona gheama a chluich iad thuige seo, 5-3 an aghaidh Camanachd an Òbain.

Tha sgioba Thaigh na Bruaich air sealltainn tric gu leòr gun urrainn dhaibh an gnothach a dhèanamh air a' Bhaile Ùr ann an geamaichean chupa, ach cha robh ann ach aon sheusan far an do chum iad ceann a' mhaide dha-rìribh riutha san lìog, air ais ann an 2011.

Thug e tadhal sna dìogan mu dheireadh den gheama mu dheireadh den t-seusan gus an lìog a bhuannachadh dhan Bhaile Ùr.

Chan eil an aon doimhneachd ann am buidheann Chaol Bhòid sa th' aig Baile Ùr an t-Slèibh, is tha iad mar as trice feumach air sreath gheamaichean a bhuannachadh tràth san t-seusan ma tha cothrom idir gu bhith aca air strì 'son na lìge.

Buille

Tha sin a' fàgail turas a' Bhaile Ùir do Chomhall glè chudromach is ma thèid iad air ais suas an rathad leis an dà phuing 's e buille mhòr a bhios ann dha Caol Bhòid.

Shuas ann am Port Rìgh cuiridh iad fàilte air Camanachd an Òbain is iomain sa Phrìomh Lìog a' tilleadh gu Pàirc nan Laoch.

Bidh na Sgitheanaich an ìre mhath misneachail às dèidh dhaibh puing a thogail ann an Drochaid an Aonachain Disathairne seo chaidh.

Sheall sin gu follaiseach gu bheil iad comasach aig an ìre seo.

Bidh feum air puingean aig an taigh an aghaidh leithid sgioba an Òbain ma tha na Sgitheanaich gus a bhith buan sa Phrìomh Lìog.

Tha na nàbaidhean aca air Tìr-Mòr, Ceann Loch Seile, air an rathad a-rithist is iad a' tadhal air Ceann a' Ghiuthsaich.

Droinneadh

Chuir Ceann Loch Seile an ceòl air fìdhle Disathairne le droinneadh 5-2 a thoirt air Lòbhat ann an Cill Targhlain.

Tha Ceann a' Ghiuthsaich gun call iad fhèin thuige seo. Ma thilleas Ceann Loch Seile dhan chosta an iar le dà phuing an seo, faodaidh iad tòiseachadh coimhead air mullach na lìge, seach am bonn far an robh iad mar as trice bho ghabh iad ceum suas dhan Phrìomh Lìog ann an 2011.

Ann an Lìog Tuath 2 thèid Camanachd Leòdhais gu Loch Carran.

Chaidh geama nan Leòdhasach a chur dheth Disathairne seo chaidh, a' fàgail ùine a barrachd aca 'son faighinn seachad air mar a chaidh dhaibh an aghaidh Chabair Fèidh air a' chiad là den t-seusan.

Tilleadh

Bidh Stiùbhairt 'Tyson' Caimbeul a dhìth orra Disathairne ach tha Will Church air ais.

Tillidh Graham Cay dhan bhuidhinn cuideachd, a' fagail gum feum Donnchadh Mac an t-Saoir co-dhùnadh an tèid Cay air ais eadar na puist no an gleidh Eòghan Stiùbhairt àite às dèidh dha cluich gu math anns na geamaichean càirdeil.

Bha buaidh 3-2 air Loch Carran nam measg.

Dhèanadh sin an gnothach dha na Leòdhasaich a-rithist Disathairne.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile