Dragh mu Aonta Baile Inbhir Nis

Drochaid Cheasaig

Tha dragh air a' Ghàidhealtachd mu Aonta Baile Inbhir Nis.

Bha dùil ri naidheachd anns a' bhuidseat a dh'fhoillsich an Seansalair Seòras Osborne Diciadain, ach cha robh guth air.

Anns an leabhar dearg a tha an cois a' bhuidseit, thuirt an Seansalair gun robh adhartas ga dhèanamh, agus thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gun tig fios ann an ùine nach bi fada.

Ach tha dragh air fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Ailig Greumach, nach bi an aonta cho math 's a bhathas an dòchas.

"Ma bhios tu a' ceannach mairt, uell, an i bò mhath a th' ann, no an i bò thruagh, chaol, a tha sinn a' dol a dh'fhaighinn," thuirt e.

"'S e sin an dragh.

"Thig na h-uimhir às, chan eil teagamh mu dheidhinn sin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil timcheall air £3m air a thighinn air adhart co-dhiù.

"Ach tha iad a' bruidhinn mu dheidhinn suas ri £300m 's mathaid.

"'S e suim glè mhòr a tha sin. Dhèanadh e diofar mòr dha Inbhir Nis agus pàirtean eile den Ghàidhealtachd cuideachd.

"Tha mise gu math cinnteach gun tachair rudeigin, ach tha mi diombach nach eil càil air ainmeachadh Diciadain," thuirt e.