Pàigheadh sgeama othaisgean nas ìsle na bha dùil

  • Air fhoillseachadh
Caoraich

Tha dragh air nochdadh am measg chroitearan nach fhaigh iad an t-airgead a bha iad a' sùileachadh airson othaisgean.

Chaidh sgeama ùr fhoillseachadh an-uiridh, luach €8m, a bheireadh - bha e air a mheas - €100 do chroitearan airson gach uain bhoireann a chumadh iad.

Ach tha eagal ann gu bheil tuilleadh 's a chòir bheathaichean air a bhith air an cur a-steach airson an sgeama, a' fàgail gum faodadh an taic-airgid a bhith air a ghearradh gu €75 airson gach beathaich.

Tha dùil ris an airgead taobh a-staigh cola-deug.

Ach le mòran chroitearan is tuathanaich fhathast a' feitheamh air airgead subsadaidh a bha còir aca fhaighinn deireadh na bliadhna an-uiridh, 's e briseadh dùil a th' anns na naidheachd.

"Tha daoine, mar mi fhìn, gun subsadaidh fhaighinn fhathast," thuirt Dòmhnall MacSuain, a tha na chroitear ann an Nis ann an Leòdhas.

"Dh'fhaodadh cuideigin, can, a bhith san t-suidheachadh far an robh iad a' feitheamh airson subsadaidh nach tàinig, agus iad a' cumail uain, agus a' smaoineachadh gun robh iad a' dol a dh'fhaighinn €100 airson an uain a tha sin.

"Nam biodh fios air a bhith aca nach robh iad a' dol a dh'fhaighinn ach €75 air a shon, dh'fhaodadh iad a bhith air an uan a tha sin a reic anns an Dùbhlachd, anns an Fhaoilleach, anns a' Ghearran. Dh'fhaodadh iad a bhith air beagan airgid fhaighinn a-steach.

"Bhon tha daoine air a bhith a' fulaing le "cash flow" agus tha fhios agam gu bheil daoine a tha a' reic stuthan bìdhe 's rudan mar sin, gu bheil iadsan a-nise a' feitheamh airson an airgead a thighinn a-steach airson pàigheadh, 'son a h-uile càil a tha iad air a chur a-mach gu croitearan agus tuathanaich," thuirt e.