Bile an Fhearainn troimhe

Fearann

Bhòt Pàrlamaid na h-Alba airson Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn a stèidheachadh ann an lagh.

Chuir buill là seachad a' deasbad mus do bhòt iad aig 7:30f 102 gu 14 airson a' bhile.

Chaidh mòran atharrachaidhean a chur ris a' bhile fhad 's a chaidh a chur tron Phàrlamaid.

Thèid clàr a stèidheachadh de dhaoine aig a bheil fearann ann an Alba, agus thèid stòras fearainn ùr a stèidheachadh.

Neartachadh

Thuirt Ministear an Ath-Leasachaidh Fhearainn, Aileen NicLeòid, gur e "camhanaich ùr" a th' ann do dh'obair an fhearainn.

Thathas a' cumail a-mach gur ann le dìreach 432 duine prìobhaideach - 0.008% de shluagh na h-Alba - a bha 50% de dh'fhearann prìobhaideach ann an sgìrean dùthchail na h-Alba ann an 2012.

Thuirt Buidheann Ath-Sgrùdaidh an Ath-Leasachaidh Fhearainn a chuir Riaghaltas na h-Alba air chois gun robh am figear sin "annasach mar chomharra air neo-ionnanachd ann an deamocrasaidh ùr-nodha, agus feumach air mìneachadh".

"Tha sinn a' faicinn camhanaich ùir do shealbh coimhearsnachd ann an Alba," thuirt Ministear an Ath-Leasachaidh Fhearainn Aileen NicLeòid.

"Bheir am bile cothrom do bharrachd choimhearsnachdan na riamh roimhe a bhith an sàs an an còmhraidhean mun fhearann a tha a' toirt buaidh orrasan.

"Chaidh am bile a neartachadh gu mòr bho chaidh a chur air adhart an-uiridh, an dèidh chòmhraidhean leis a' Phàrlamaid is leis a' phoball."

An dèidh do Mhs NicLeòid a dhol dhachaigh le amhaich ghoirt, thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd 's nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, na h-àite, gun toireadh am bile cumhachd do choimhearsnachdan agus do dhaoine fa-leth a' bheatha aca a chumadh a' coimhead air adhart.

Stòras Fearainn

Cuideachd sa bhile, tha cumhachd toirt air uachdarain fearann a reic ma tha iad a' cur bacadh air leasachadh eaconamach seasmhach.

Thèid Coimisean Fearainn a stèidheachadh air am bi co-dhiù aon duine le Gàidhlig, agus thèid piseach a thoirt air siostaman co-cheangailte ris a' "chòir coiseachd" agus fearann "maith phoblach".

Chaidh Stòras Fearainn ùr de £10m fhoillseachadh gus taic a thoirt do choimhearsnachdan a th' airson an cuid fearainn a cheannach, 's an stòras a' fosgladh air 1mh an Giblean.

Thug an stòras a bh' ann roimhe £9m seachad do 52 choimhearsnachd air feadh na h-Alba thar trì bliadhna, a' cuideachadh le 90,000 acaire fearainn a cheannach.

Chaidh còrr air 100 atharrachadh a dheasbad tron là mus do bhòt buill. Bhòt na Làbaraich leis an SNP a' cur taic ris a' bhile. Chuir na Tòraidhean na aghaidh.

Bha buill air a ràdh gun robh tuilleadh obrach a dhìth air a' bhile gus ath-leasachadh a tha dha-rìribh radaigeach a thoirt gu buil, le buill aig co-labhairt SNP na bliadhna an-uiridh a' cur taic làidir ri moladh fada a bharrachd neart a chur an lùib nam molaidhean ath-leasachaidh fhearainn a bhathas a' cur air adhart.

Thuirt labhraiche a' cheartais àrainneachail aig na Làbaraich, Sarah Boyack, gun robh an dòigh san deach am bile a chur tron Phàrlamaid "na chùis nàire", ach thuirt i gun robh a pàrtaidh air obrachadh gu cruaidh gus am bile a neartachadh.

"Tha sinn moiteil às na h-atharrachaidhean a rinn sinn air a' bhile, ach tha sinn den bheachd gun deadh aig an SNP air barrachd a dhèanamh ann an raointean cudromach.

"Cumaidh sinn oirnn ag obair le luchd-iomairt ath-leasachaidh fhearainn, an SNP agus càch gu dòigheil gus piseach a thoirt air sealbh fearainn ann an Alba."

Chuir na Tòraidhean an aghaidh a' bhile, agus iad a' togail dragh "gun dèanadh e cùisean nas miosa do mhàladairean, gun dèanadh e cùisean nas duilghe do mhaladairean ùra agus gum fàgadh e uachdarain nas ao-deònaiche fearann a leigeil a-mach air màl - calg-dhìreach an aghaidh amasan a' Bhile."

"Tha planaichean an SNP airson ath-leasachaidh fhearainn air feadh na h-Alba freumhaichte ann an dòigh smaoineachaidh a nì call air obraichean ionadail ann an coimhearsnachdan dùthchail," thuirt labhraiche chùisean dùthchail nan Tòraidhean, Ailig Fearghasdan.

"Dh'fhaodadh gum fàg na molaidhean gum bi an Riaghaltas a' gabhail barrachd ghnothaich ri sealbh fearainn, agus gun tig uallach cìse a bharrachd air gnothachasan air an tuath.

Nimheil

"San fharsainneachd, chan urrainn dhuinn taic a thoirt do bhile a nì cùisean nas miosa do mhàladairean, a nì e cùisean nas duilghe do mhàladairean ùra agus a dh'fhàgas uachdarain nas ao-deònaiche fearann a leigeil a-mach."

Dh'iarr am Pàrtaidh Uaine gun deadh casg a chur air companaidhean a tha stèidhichte thall-thairis bho a bhith a' gabhail brath cìse air Dùthchannan Breatannach Thar Chuain, agus leithid nan Eileanan Cayman tro an bhith a' ceannach fearainn an Alba, ach chaidh sin a dhiùltadh.

Thuirt labhraiche an ath-leasachaidh fhearainn aig na h-Uainich, Andy Wightman: "Cha bu chòir fearann Albannach a bhith an sealbh chompanaidhean a tha a' cleachdadh tèarmannan cìse."

Chuir Urras Fiadh-Bheatha na h-Alba taic ri molaidhean sa bhile airson manaidsearachd fhiadh a neartachadh.

Ach thuirt Fearann is Oighreachdan na h-Alba - a tha a' riochdachadh uachdaran - gun deach "uachdarain a choireachadh gu mì-chothromach ann an deasbad a tha a' sìor fhàs nas nimheile."

"Gu mì-fhortannach, tha an deasbad air fàs cho fiabhrasach, agus an àite a bhith ag amas a-mhàin air maith na tuaithe a choileanadh, uair is a-rithist tha sinn a' faicinn smuaintean amh an aghaidh uachdaran a' tighinn am follais," thuirt Cathraiche na buidhne, Dàibhidh Johnstone.

Tuilleadh air an sgeulachd seo